Gaelic Song : Donnie MacDonald sings "Eilidh"
Автор: UISTMAN59
Загружено: 2010-06-11
Просмотров: 86229
Описание:
For Eilidh. A Gaelic song "Eilidh" by Donnie "Large" MacDonald.
Tha slighe dhoirbh gu beanntan àrd ar n-eilein,
Tha 'n dìreadh garbh tron mhòintich is tron fhraoch,
Ach shil do dheòir nuair thug mi pòg dhut, Eilidh,
'S ar cuimhn' air lagan glas an taobh a' chaoil.
Thoir thusa dhomh-sa glòir nam briathran taitneach
A labhair thu rium leannain, air an dùn,
Thoir thusa dhomh-sa dòigh air tilleadh dhachaigh
Gu lagan glas leat Eilidh, 'n taobh a' chaoil.
Gur fada uainn an cluain san d'fhuair sinn 'm bainne,
Sinn 'm baile glas na h-iargain 's a' mhì-rùin,
Mar nuallan bà a' geumnaich air a h-aineol,
Gur cruaidh ar càs 's gur easbhaidheach ar dùil.
Ar cridh' 's ar ceòl ga shròiceadh leis gach doineann,
Ar cainnt 's ar còmhradh tha gun sheòl gun stiùir,
Mar long gun treòir a' dèanamh eòlais cladaich,
Gun bhoillsgeadh gealaich 'n ealantas cairt-iùil.
O Eilidh, ghràidh, thoir dhomh do làmh is fan rium
'S gum faigh sinn far 'n do bhòidich sinn ar gaol,
Do chridhe blàth tha ghnàth a' stiùireadh m' aigne
Don lagan ghlas sa bhealach taobh a' chaoil.
Повторяем попытку...
Доступные форматы для скачивания:
Скачать видео
-
Информация по загрузке: